Air a' Chuan

Runrig · The Gaelic Collection [1998]

Tha am ball air fhuasgladh

Is tha sinn a' gluasad

Air a' chuan, air a' chuan

Tha sinn a' seòladh

Tro thonnan uaine

Air a' chuan, air a' chuan



Air cùrsa deònach

Tha sinn a' seòladh

Air a' chuan, air a' chuan

Fad bho thìr

Is an talamh àghmhor

Air a' chuan, air a' chuan



Is mi a' sealltainn man cuairt

Is mi cho fada bhuat

Càil ach muir, tonnan is cuan

Ò mo rùn



Tha a' ghaoth a' sèideadh

Nan tonnan fiadhaich

Air a' chuan, air a' chuan

Tro thonnan fiadhaich

Is droch shìde

Air a' chuan, air a' chuan



Cho domhainn an cuan

Cho luachmhor an uair

Nach mair fada buan

Ò mo rùn



Sinn a' treabhadh

Tron an oidhche

Air a' chuan, air a' chuan

Siubhal sàbhailteachd

Is madainn shunndach

Air a' chuan, air a' chuan



Thig crìoch air an t-saoghal

Is thig crìoch air daoin'

Ach mairidh ceòl is mairidh gaol

Ò mo rùn