Air an Tràigh

Runrig · Play Gaelic [1978]

'S b' fheàrr gun robh mi 'r ais a rithis

Coiseachd cas rùisgte air an tràigh

Le mo dhà làimh 'na mo phòcaid

'S ri mo thaobh, Anna mo ghràidh



Bha sinn òg is bha sinn spòrsal

Cluichd le sòlas is le gàir

Air a' mhonadh 's air an locha

'S measg an arbhair às a' bhàthaich



'S b' fheàrr gun robh mi 'r ais a rithis

Coiseachd cas rùisgte air an tràigh

Le mo dhà làimh 'na mo phòcaid

'S ri mo thaobh, Anna mo ghràidh



'S nuair a thig e gu am feasgair

Ag iarraidh crodh shuas air a' bheinn

'S dhèanamh dheachaidh air ur socair

Togail òrain 's togail rùin



'S b' fheàrr gun robh mi 'r ais a rithis

Coiseachd cas rùisgte air an tràigh

Le mo dhà làimh 'na mo phòcaid

'S ri mo thaobh, Anna mo ghràidh



'S b' fheàrr gun robh mi 'r ais a rithis

Coiseachd cas rùisgte air an tràigh

Le mo dhà làimh 'na mo phòcaid

'S ri mo thaobh, Anna mo ghràidh



Bhiodh sinn sgìth nuair nochdadh oidhche

Ag òl bainne fuar taobh teine blàth

'S bhiodh sinn granail dol dhan leabaidh

Ach am màireach ag èirigh tràth



'S b' fheàrr gun robh mi 'r ais a rithis

Coiseachd cas rùisgte air an tràigh

Le mo dhà làimh 'na mo phòcaid

'S ri mo thaobh, Anna mo ghràidh