An Cuibhle Mòr

Runrig · The Gaelic Collection [1998]

Na cuibhlichean a' tionndadh

An rathad deas agus tuath

Na cuibhlichean a' gluasad

Mar tha saoghal iad

A' tionndadh mun cuairt



Glaschu.

Dùn Eideann.

Inbhir Nis.

Sruighlea.



Na cuibhlichean a' tionndadh,

Gach dùthaich, muir agus tìr

Tro ghleanntan tro bhailtean

A dh'ionnsaigh an àite agaibh fhèin



Steòrnabhagh.

Obar Dheadhain.

An Gearasdan.

Dùn Dèagh.

Lunnainn.

A' Ghearmailt

Èirinn.

Ameiriga.



An cuibhle mòr nach stad gu bràth

Tionndadh òganaich gu aois

A-nochd tha 'n rathad

Mòr n'ar coinneamh

Gu àm ann aig an-dràsda

'S iomadh là chaidh seachad

A' ghaoth a' sèideadh tro an ùir

'S iomadh là bha a' ghrian ag èirigh oirnn

Seasamh anns an eòrna

Nuair a bha sin òg

Àghmhor, àghmhor

A' ruith tro na raointean 's iad a' fàs

Abaich, òrach

Coimhead ri na speuran

'S iomadh là 's iomadh là

Feitheamh 'son a' chuairt