Cho Buidhe Is A Bha I Riamh

Runrig · In Search of Angels [1999]

Tha an rathad a' ruith gu tuath

Gleanntan sgapte air gach taobh

A' ghrian tro ghiuthas nam mòr shliabh

Saighdean òir dhar leòn an àgh

Thuirt m'anam rium "Nach tèid thu null

Cuir eallach 's cruaidh-chàs air do chùl

'S gun cuir an t-àite seallach fàilte oirnn

Is bi mi còmhla riut an-dràst"



Sunndach a tha mi

Tron oighreachd bhòidheach, bhòidheach bhuan

Bha thu daonnan na mo smuain

Tro làithean ìseal 's bristeadh-cridh'

Tog orm mo chiall, tog orm mo bhith

Le cridhe aotrom, cridheil ciùin

A' liuthad cuan a ghiùlan do dhaoine

Is iad a' triall na slighe bhuat



'S ged tha an saoghal dol bun os cionn

Is astar bhliadhnachan tighinn oirnn

'S ged tha mo dhùil ag èirigh suas

Is iomadh sgùrr a bhios fo sgleo

Tha na siantan liath, 's na siantan blàth

Le blàths cho diamhair is nach gabh e inns'

'S tha 'n lus tha fàs air croit Dhòmhnaill Bhain

Cho buidhe 'n-diugh 's a bha i riamh.