Faileas Air an Àirigh

Runrig · Days Of Days: 30th Anniversary [2004]

Tha faileas air an àirigh

Faileas air an àirigh

Tha 'n long a-muigh ceann a bhàigh

Air madainn Chèitean tràth



Tha grian ar cuimhne ag èiridh

Grian ar cuimhne ag èiridh

A' siubhal sràidean dùthaich ghalld'

Tro bhailtean saoghal chèin



Tha 'm feasgar ciùin 's na siantan blàth

Tha grian 'san iar, mar mheall den òr

An cuan mar sgàthan gorm gun sgleò

Is bu mhòr mo mhian bhi 'n Uibhist leat



Togaidh sinn ar fonn an àrd

Togaidh sinn ar fonn an àrd

'S ged a tha mi fada bhuat

Cha dhealaich sinn a' chaoidh



Togaidh sinn ar fonn an àrd

Togaidh sinn ar fonn an àrd

'S ged a tha mi fada bhuat

Cha dhealaich sinn a' chaoidh



Togaidh sinn ar fonn an àrd

Togaidh sinn ar fonn an àrd

'S ged a tha mi fada bhuat

Cha dhealaich sinn a' chaoidh