Rìbhinn Ò

Runrig · Best Of Runrig [2004]

Tha bùrn fallain anns an tobar

'S gabhaidh sinn ar h-uile slàinte ann

Tha bùrn fallain anns an tobar

'S gabhaidh sinn ar h-uile slàinte ann

Tiugainn leam, a rìbhinn òg

Tiugainn leam, a nighean, tiugainn leam

Tiugainn gu na beanntan àrd

Abair sealladh, dathan earraich ann

Tiugainn gu na beanntan àrd

Abair sealladh, dathan earraich ann

Tiugainn leam, a rìbhinn òg

Tiugainn leam, a nighean, tiugainn leam

A rìbhinn ò, a rìbhinn ò, a rìbhinn ò, a ho ro

A rìbhinn ò, a rìbhinn ò, a rìbhinn ò, a ho ro

A ribhinn ò, a ho ro

A rìbhinn ò, a rìbhinn ò, a rìbhinn ò, a ho ro

Thèid sinn 'null air an aiseig

Tarsainn air a' chuan thèid sinn ann