Tillidh Mi

Runrig · Play Gaelic [1978]

Tha samhradh bliadhna eile air tighinn

Ach cha thog mo ghrian an àird

Mo chasan trom 's iad ag iarraidh dhachaidh

'S m'inntinn dol mu'n cuairt

Tha mi fallain, tha mi òg

Ach lag 's mi bàthadh gun do phòg

Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh

Bho am gu àm bidh mise a' coiseachd

N'am ànrachd sìos an t-sràid

Mi smaoineachadh air abhainn fhada

Tha laighe fad' bhon rathad

'S i gu bhith làn le bric a' snamh

'S tachais dian na mo làimh

Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh.

Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh

Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh

Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh

Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh

Nuair a thuiteas oidhche orm

'Se àm as miosa a th'ann

Mise laighe na'm mo leabaidh

'S thusa 'nam mo cheann

Cha bhiodh an samhradh cheart cho doirbh

'S tu 'nad shìneadh ri mo thaobh