Tìr a' Mhurain

Runrig · The Gaelic Collection [1998]

Tìr a' Mhurain

Tìr a' Mhurain

Tìr a' Mhurain



Trobhad is coisich rium

Ri taobh a' chuain

Is seallaidh mi dhuit

Tìr a' Mhurain



Fàilte gu mo dhàn

Sìol is meas nam bàrd

Am foghar bha feitheamh orm

Bho an là a bha mi òg



Trobhad is coisich rium

Ri taobh a' chuain

Is seallaidh mi dhuit

Tìr a' Mhurain



Fàilte gu mo thìr

Eilean geal an iar

An t-àite a chì gach tuigse is fìrinn

Glaiste 'na mo chridhe



Trobhad is coisich rium

Ri taobh a' chuain

Is seallaidh mi dhuit

Tìr a' Mhurain



Fàilte gu mo chainnt

Is i dh'ionnsaich mi 'nam phàisde

Cànan uasal mòr nan Gàidheal

Mar bhratach dhomh gach là



Trobhad is coisich rium

Ri taobh a' chuain

Is seallaidh mi dhuit

Tìr a' Mhurain



Is ged a dh'fheuch iad ri cur as dhuinn

Chì mo theaghlach cnoc nan linn

Is ged tha ar cànan leònt' le strì

'S an tìr seo bidh i beò



Trobhad is coisich rium

Ri taobh a' chuain

Is seallaidh mi dhuit

Tìr a' Mhurain