Tìr an Airm

Runrig · The Gaelic Collection [1998]

An tèid thu leam, a rìbhinn òg

Gu tìr mo ghràidh sìtheil sona

'S chì thu saighdearan a' ruith

Am measg nan lusan brèagha 'sa mhonadh



Ho ro horain ò

Fàilte gu tìr an airm

Ho ro horain ò



A' coimhead a mach air madainn chiùin

Air ball mor cruinn os cionn na beinne

'S bhon is ciùin na tonnan gorm

Tha ceòl ùr aig ceòl na mara



Ho ro horain ò

Fàilte gu tìr an airm

Ho ro horain ò



'S an tèid thu leam gu tìr mo ghràidh

Seall na h-eòin dhorcha dhona

Treabhadh speuran as ar cionn

Dèanamh air Steòrnabhagh le cabhaig



Ho ro horain ò

Fàilte gu tìr an airm

Ho ro horain ò



Nis leugh t-eachdraich, fosgail sùil

Anns gach linn mu dhòigh an airm

Stampadh air na croitean seagail

'S beathannan òg aig gillean Uibhist



Ho ro horain ò

Fàilte gu tìr an airm

Ho ro horain ò



Cha tèid mise gu an rìgh

Cha tèid mise an còrr a shabaid

O Lunnain mheallt, a Bhreatuinn fhoilleil

Cha seas mi ach 'son sìth nan eilean



Ho ro horain ò

Fàilte gu tìr an airm

Ho ro horain ò