\"Lyrics
SEARCH HERE:
BROWSE 409412 LYRICS BY ARTIST/BAND NAME:
#A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z
SITE MENU
Last Updates
Request Lyrics
Submit / Correct
Popularity Charts
VISITORS
Login / Register
Your Thoughts
My Playlists
[ More Runrig lyrics ]
add to playlist     see a mistake?    comment

Artist/Band: Runrig
Lyrics for Song: Air a' Chuan
Lyrics for Album: The Gaelic Collection [1998]



Tha am ball air fhuasgladh

Is tha sinn a' gluasad

Air a' chuan, air a' chuan

Tha sinn a' seòladh

Tro thonnan uaine

Air a' chuan, air a' chuan



Air cùrsa deònach

Tha sinn a' seòladh

Air a' chuan, air a' chuan

Fad bho thìr

Is an talamh àghmhor

Air a' chuan, air a' chuan



Is mi a' sealltainn man cuairt

Is mi cho fada bhuat

Càil ach muir, tonnan is cuan

Ò mo rùn



Tha a' ghaoth a' sèideadh

Nan tonnan fiadhaich

Air a' chuan, air a' chuan

Tro thonnan fiadhaich

Is droch shìde

Air a' chuan, air a' chuan



Cho domhainn an cuan

Cho luachmhor an uair

Nach mair fada buan

Ò mo rùn



Sinn a' treabhadh

Tron an oidhche

Air a' chuan, air a' chuan

Siubhal sàbhailteachd

Is madainn shunndach

Air a' chuan, air a' chuan



Thig crìoch air an t-saoghal

Is thig crìoch air daoin'

Ach mairidh ceòl is mairidh gaol

Ò mo rùn


Album Lyrics: The Gaelic Collection [1998]


Runrig
"The Gaelic Collection [1998]"


1. 'Ic Iain 'Ic Sheumais
2. Air a' Chuan
3. An Ataireachd Àrd
4. An Cuibhle Mòr
5. An t-Iasgair
6. Cearcall a' Chuain
7. Chì Mi 'n Geamhradh
8. Chì Mi 'n Tìr
9. Cnoc na Fèille
10. Cùm Ur n-Aire
11. Fichead Bliadhna / Na Luing air Seòladh
12. Foghar nan Eilean '78
13. Fuaim a' Bhlàir
14. Màiri
15. Meadhan Oidhche Air an Acairseid
16. Na h-Uain as t-Earrach
17. Pòg Aon Oidhche Earraich
18. Sràidean na Roinn-Eòrpa
19. Thairis Air a' Ghleann
20. Tìr a' Mhurain
21. Tìr an Airm